Sweden - An t-Suain

Tha miotas-eòlas na Suaine ag innse mu dheidhinn làithean a dh’fhalbh nuair a bha sluagh na h-Alba, na Skottarna, a’ creachadh na dùthcha aca gus an deach buaidh a thoirt orra mu dheireadh aig Eaglais Janum. Cha tàinig fois eatarra gus na ghèill Iarla borb Arcaibh agus spùinneadairean Albannach eile. Às dèidh sin, bha às-imrich à Alba don t-Suain an urra sa chiad àite ri feumalachdan armailteach ghlòir-mhiannach na Suaine seach ri cleachdaidhean malairt nan Albannach. Ach, chruthaich an t-àite barraichte armailteach sin a mhair gu toiseach na 19mh linn, àrainneachd fhreagarrach airson mòran tabhartasan bho na h-Albannaich. Bho thràth san 16mh linn, dh’èirich gearanan mu Albannaich a’ reic an cuid bathair air feadh na dùthcha an aghaidh sochairean Rìoghail – ged a bhathar a’ cur suas le seann Albannaich a bha air an cìsean a phàigheadh thar ùine mhòr, cho fada agus nach fhastaidheadh iad Albannaich eile! Bhathar a’ cluinntinn aithrisean ann an Ystad, Malmo agus Stockholm, gun robh luchd-ceàird Albannach glè thric a’ cur às do fharpais dùthchasach agus a’ sireadh saoranachd. Ach b’ ann ann an Göteborg a thuinich a’ mhòr-chuid de dh’Albannaich aig deireadh cùise, air sgàth cho dlùth ’s a bha e agus cuideachd  le taing do chuireadh a dh’aon ghnothaich bhon Rìgh Gustavus aig toiseach na 17mh linn. Ann an Göteborg, choisinn na h-Albannaich cliù dhaibh fhèin, cha b’ ann a-mhàin airson malairt ach cuideachd airson deagh euchdachd agus feàrrad sòisealta. Thòisich cuideachadh armailteach don t-Suain aig àm Rìgh Eric XIV ann an 1563, le seòladairean Albannach gam fastadh cho tràth ri 1565 gu Cogadh nan Seachd Bliadhna an aghaidh na Danmhairg agus na Pòlainn. Bha spèis mhòr aig an Rìgh Gustav II Adolphus, a chruthaich Ìmpireachd na Suaine aig àm Cogadh nan Trithead Bliadhna, do na h-oifigearan Albannach aige, a’ toirt dhaibh còraichean uaisleachd mar a thug e don Mharasgal Alasdair Leslie a bha às dèidh sin a’ stiùireadh feachd nan Cùmhnantach aig àm a’ Chogaidh Shìobhalta air ais aig an taigh. Ach cha robh e mar sin don Mharcas Hamaltan agus na 6,000 saighdear a thug e leis a chogadh don t-Suain, a bha air an call gu galar agus goirt ann an 1634. Tha an gearradh fiodha gu clì a’ taisbeanadh dìreach a ceithir de na mìltean de shaighdearan Albannach a bha ann an seirbheis Adolphus sna 1630an, air am brosnachadh le spiorad gaisgeanta agus dealas creideamhach. Fhritheil Sir Seumas Spens à Wormiston Rìgh Teàrlach IX agus an uair sin Rìgh Gustav II le cliù, mar a rinn an seòltaire Alasdair Erskine agus nas fhaide air adhart ‘am fear-lagha onarach agus còir’, Bhaltair Greig. Bha mòran Albannach sònraichte eile ann a thuinich san t-Suain, leithid Iàcob MacRaibeart à Straun a bha na Lighiche Rìoghail, ach an uair sin a ghabh brath air a shuidheachadh gu mòr-thàmailt muinntir Stockholm, le a mhac Adolf a’ murt a bhean fhèin! Nas tairbhiche don t-Suain, bha dreuchdan nan Combaich/Gahn, agus an rannsachadh saidheansail ’s an iomairt aca a’ cuideachadh le leasachadh air mèinneadh copair agus gnìomhachasan leaghaidh ann am Falun. Bha ginealaichean an teaghlaich às dèidh sin a’ dèanamh searbhag loisgeach agus pronnasg bho uisgeachan nam mèinnean. Thug iad cuideachd a’ bhanachdach a-steach don t-Suain. Bha fir Albannach ainmeil eile ann cuideachd. Thàinig Pàdraig Leyden don t-Suain le a dhithis bhràithrean, agus chuir a theaghlach-san gu mòr ri mèinneadh iarainn is airgid. Bha athair Thòmais Choineagain air imrich à Creil gu Stockholm agus choisinn Tòmas òg sàr-chliù dha fhèin airson a chuid obrach ann am bleith pùdar agus ann an gunnachan ann am meadhan na 18mh linn.