SE03 – William Chalmers


Stitchers: Eva Hansson, Lisbeth Cajstam (Gothenburg).

William Chalmers was a director of the Swedish East India Company, the largest trading company in Sweden during the 18th century. He bequeathed his estate to the Sahlgrenska Hospital in Göteborg and to the creation of an industrial school for poor children. Chalmersska Slöjdeskolan opened on the 5th November 1829 and was to become the Chalmers University of Technology.

 SE03 Uilleam Chalmers
Chuireadh Companaidh Suaineach Taobh Sear nan Ìnnsean air bhonn ann an 1731 gus malairt leis an Ear Fhada, agus leasaich e gu bhith mar an companaidh malairt a bu mhotha anns an t-Suain san ochdamh linn deug. Bha na soithichean uile a’ tighinn a-mach ’s a’ dol a-steach gu Gothenburg. Bha Uilleam Chalmers, mac neach-malairt Albannach, na stiùiriche air a’ Chompanaidh. Nuair a bhàsaich e ann an 1811, dh’fhàg e leth a chuid oighreachd do dh’Ospadal Sahlgrenska ann an Gothenburg agus a’ mhor-chuid den chòrr airson sgoil ghnìomhachasail a chruthachadh do chloinn a bha bochd. Dh’fhosgail Chalmersska Slöjdeskolan air 5 Samhain 1829 agus thàinig i gu bhith mar Oilthigh Teicneòlais Chalmers a tha a’ soirbheachadh cho math san latha an-diugh.