Göteborg Panel 7: Alexander Keiller (b.1804 Dundee – 1874)


Bha Alasdair Keiller agus Uilleam Gibson nan com-pàirtichean anns a’ ghnothachas ann an Jonsered gu 1839. Chuir Keiller air bhonn a ghnìomhachas innleadaireachd fhèin an uair sin, bha e an sàs ann am mèinneadh agus chaidh e air adhart gu stèidheachadh companaidh togail shoithichean, Keillers Werkstad I Göteborg ann an 1841. An dèidh bristeadh-banca ann an 1867, thàinig a’ chompanaidh gu bhith Göteborgs Mekanista Verkstads AB, le a mhac Seumas mar mhanaidsear. Dh’atharraich sealbh air a’ chompanaidh ann an 1906 agus 1916. Chaidh an t-soitheach mu dheireadh a thogail an sin ann an 1989. Chaidh Pàirc Keiller ann an Ramberget, Hisingen, a thoirt mar thiodhlac do bhaile Göteborg ann an 1906 le Seumas Keiller.