Goteborg Panel 5: Jonsered – William Gibson (b.1783 Arbroath – 1857)

Dh’fhàg Uilleam Gibson (bu shine) Obar Bhrothaig agus dh’imrich e don t-Suain sa Chèitean 1797 aig 14 bliadhna a dh’aois. Tràth sna 1820an, chuir e aire air dèanamh ròpaichean is siùil agus ann an 1834 ghluais e am factaraidh aige gu Jonsered. Bha cothrom an seo airson leudachadh gun a bhith ro fhada bhon phort agus an ionad malairt, Göteborg. Le bhith faisg air Abhainn Säveän, bha cothrom aige air cumhachd dealain a chleachdadh. Bha ionad gas a’ cumail cumhachd ris an fhactaraidh a thuilleadh air teas is dealan do thaighean an luchd-obrach. Còmhla  ri a charaid Alasdair Keiller, chruthaich Gibson factaraidh ùr-nodha a thug buaidh air a’ mhargaid Lochlannach. Chuireadh suas ionad-leaghaidh anns na 1850an, bùth innleadaireachd a bha a’ dèanamh innealradh àiteachais agus muileann snìomh is fighe cotain. Tha Jonsered coltach ri Lannraig Nuadh ann an Alba, baile gnìomhachais a chuir an tùsaire sòisealta, Raibeart Owen, air bhonn. Bha taigheadas ann don luchd-obrach agus cùram slàinte, ionad chloinne, eaglais, sgoil agus taigh seann daoine. Chaidh a’ chiad taighean breige a thogail ann an Jonsered san t-Suain bho 1841, a’ cleachdadh bhreigichean a chaidh a dhèanamh anns an ionad bhreigichean ann an Jonsered. Chruthaich Gibson coimhearsnachd ghnìomhachasail a bha fèin-chuibheasach agus gun choimeas san t-Suain aig an àm  Chaidh a’ chiad eisimpleir seo de shochair gnìomhachasail a chumail a’ dol le a mhac Uilleam (bu shine: 1816-1865) agus ogha, Uilleam (a b’ òige: 1848-1917). Thòisich Uilleam a bu shine air dèanamh innealan airson giullachd fiodha anns na 1880an, agus chùm Uilleam a b’ òige an iomairt seo a’ dol gu soirbheachail. Chaidh an Jonseredfabriken ath-eagrachadh ann an 1872 agus chaidh ainmeachadh mar an Jonsered Fabriker AB.

Grèisiche: Lisbeth Cajastam.