Göteborg Panel 4: Royal Bachelor Club – The Skotske Perioden (1769-1813)


“Am Factaraidh Bhreatannach”. B’ e buidheann Suaineach-Breatannach a bha seo a chuireadh air bhonn ann an 1699. Bha e cudromach do bheatha shòisealta nan in-imrich agus do an gnìomhachdan creideamhach. An dèidh do Rìgh na Suaine cead a thoirt airson cothrom air creideamh a chur an gnìomh, b’ e am “Factaraidh Bhreatannach” a bha ag eagrachadh agus a’ ruith chùisean a thaobh sagart agus eaglais.  Saor-chlachairean: Chaidh a’ chiad loidse a stèidheachadh ann an Göteborg ann an 1775 le 190 ball. Bha 10% de na buill Albannach no Sasannach. Chaidh an dàrna loidse, Loidse Naomh Anndra, a stèidheachadh ann an 1777 agus b’ e Tòmas Erskine aon de na chiad bhall. B’ e saor-chlachairean a bh’ ann an Uilleam Chalmers, Seumas Chalmers agus Seòras Carnegie cuideachd. Chaidh an Club Royal Bachelor a chur air bhonn le Tòmas Erskine airson cur-seachad. Bha Barclay, Ceanadach, Greig, Carnegie agus Innes nam buill stèidheachaidh. Bha mòran iomairtichean buadhach Albannach nam buill eadar 1769 agus 1813, an ùine seo air ainmeachadh mar An Tràth Albannach. Tha an Club seo fhathast ann agus tartan Erskine ri fhaicinn ann fhathast.