Goteborg Panel 3: Colin Campbell and the Jacobites (1686 – 1757)

 

Chaidh am bragàd Fraingeach fo stiùireadh a’ Chòirneal Leslie, a chruthachadh gus taic a thoirt do na Stiùbhartaich ann an Alba. Fhuair Lammary, an tosgaire Frangach ann an Stockholm, litir bho Leslie air 19 Iuchair 1746 agus e ag iarraidh gun siubhladh fògarraich nam buidhnean beaga tro Stralsund agus Berlin. Ràinig am Morair MacGilleBhuidhe agus a bhuidheann Göteborg tràth san Iuchar. Nuair a dh’òrdaicheadh am bragàd Frangach a-mach san Lùnastal 1746, ghabh marsanta ann an Göteborg thairis an obair aig Leslie.  Thug Cailean Caimbeul, ceann-suidhe Companaidh nan Ìnnsean an Ear san t-Suain, cuideachadh ionmhasail dhaibh oir bha e a’ toirt taic do na Stiùbhartaich. An dèidh don Phrionnsa Teàrlach gèilleadh aig Cùil Lodair ann an 1746, chuir an Rìgh Louis XV roimhe am Prìonnsa a thoirt air falbh ann am bàta. Bha na bàtaichean ri thighinn às an Danmhairg ’s às an t-Suain. Bha na dùthchannan sin neo-phàirteach sa chogadh agus dh’fhaodadh na bàtaichean seòladh a dh’Alba le ‘gnothaich malairt’ agus am Prionnsa òg ’s a luchd-taic a thoirt air ais annta gun fhiosta. Sheòl am “Pollux” à Göteborg air 19 Iuchair 1746 ach cha robh an turas soirbheachail agus thill i le cargu àbhaisteach. Bhon Iuchair 1746 gu Sultain 1747, bha iomairt ann a’ toirt taic do fhògarraich. B’ e deagh àite a bh’ ann an Göteborg airson fògarraich a’ sireadh co-fhaireachdainn poilitigeach.