Göteborg Panel 1 - Warriors



B’e saighdearan à Alba a chaidh don t-Suain an toiseach. Bha 40,000 Albannach a’ cogadh do na feachdan a bha an aghaidh na h-ìmpireachd (1618-1648). Bha Gàidheil MhicAoidh anns a’ bhragàd Albannach fo ‘Leòmhann a’ Chinn a Tuath’, an Rìgh Gustavus Adolphus II. Chaidh uaisleachd a bhuileachadh air 20 teaghlach Albannach. Tha ainmean ann an comann-sòisealta iar-fhlaitheach na Suaine mar Leighton, Foirbeis, Mac a’ Chlèirich, Stiùbhart, Caimbeul, Druimineach, Mac na Ceàrdaich, Mac an Fhleisdeir, MacGumaraid, Gòrdan, Dubh, Dùbhghlas, Moireach, Hamaltan, MacÙistean, Hepburn agus Gladstone.