Sasainn - England

Chan eil iongantas ann seach gu bheil an aon chrìoch tìre ann an Alba air a roinn le Sasainn, gu bheil cothrom mòr air a bhith ann thar nan linntean airson làthaireachd diaspara nochdadh an sin. Gu dearbh, tha pàirtean mòra de dh’Alba air a bhith aig diofar amannan air an riaghladh le a nàbaidh sa cheann a deas, agus a chaochladh. Dh’fhaodadh teaghlaichean agus uaislean sealbh a ghabhail air fearann is tiotalan gun strì anns gach rìoghachd fa leth.
 

Ach b’ e monarcachd nan Stiùbhartach a chuir aonta cheart ri diaspara ann an Sasainn nuair a chaidh an Rìgh Seumas VI a chrùnadh Rìgh Seumas I deas air a’ Chrìch an dèidh bàs Ealasaid I ann an 1603. Aon uair ’s gun do ghluais e a Lunnainn cha robh tilleadh ann! Agus cha deach e ann leis fhèin, ach thug e leis làn-chùirt a tharraing mòran Albannach gun cheann a deas gus a bhith nas fhaisge do chathair na cumhachd is cothroim. Ged a bha Seumas VII & II a’ fuireach ann an Lùchairt an Ròid nuair a bha e na iar-rìgh do a bhràthair Teàrlach II, agus a chuir Seòras IV air am fèileadh ann an 1822, b’ ann aig an àm a thog Bhioctòiria is Albert Baile Mhorail a-rithist ann an 1854/ 55 a chaidh diaspara na monarcachd againn a dhaingneachadh!  Bha meas mòr aig Bhioctòiria i fhèin – a pheant an dealbh gu h-ìosal - air Alba, chuir i seachad mòran ùine an seo, dh’fhàs i gu bhith an eisimeil Mhgr MhicIlleDhuinn, agus chùm i oirre a’ cur do chuimhne gach neach gum b’ e Stiùbhartach a bh’ innte (fad às)! 

Monarcan air leth, ghabh an in-imrich bu chudromaiche de dh’Albannaich a Shasainn àite anns na 19mh agus 20mh linntean. Ann an 2001 tha mu 800,000 in-imrich a rugadh san àite air an clàradh air feadh Shasainn, còmhla ris na milleanan de shliochd bho na ginealaichean roimhe sin. Thairis air trì linntean, tha na h-Albannaich air an sgilean proifeiseanta a thoirt gu deas mar stiùirichean ann an leigheas is innleadaireachd, mar luchd-rianachd, mar oifigearan poilis, agus mar oibrichean ann an stàilinn leithid ann an  Corby agus Sheffield no togail shoithichean ann am Birkenhead ’s a’ Chaisteal Nuadh. Ann am meadhan na 20mh linn, thàinig iad ann an àireamhan a bha a’ fàs gu Leeds agus Birmingham. Agus bha iad an-còmhnaidh a’ dèanamh an slighe a Lunnainn.  

Ach, b’ ann ainneamh a thuinicheadh iad ann an iadhtagan agus cha robh fada gus an do phòs iad Sasannaich, toilichte a bhith nan saoranach Bhreatannach còmhla, glè thric le cuimhneachain ionndrainn air Alba bhon nach robh mòran aca air an dùthaich fhàgail air sgàth bochdainn (aocoltach ri mòran Èireannach). ’S e nì a bhios an-còmhnaidh soirbheachail ge-tà, na diofar thaobhan cultarach air beatha na h-Alba – Raibeart Burns, a shuipearan ’s a bhàrdachd, mac na braiche, goilf, còmhlain pìobaireachd, amhrain is Dannsa Gàidhealach ... agus am fèileadh. Tha freumhan Albannach ann am mòran teaghlaichean a’  tighinn am bàrr nuair a chaithear fèileadh aig banais deas air a’ Chrìch. Anns an Rìoghachd Aonaichte tha na freumhan Albannach sin air a bhith foghainteach, a’ solarachadh mòran Phrìomh Mhinistearan san 20mh linn - Artair Balfour, Eanraig Caimbeul-Mac Ille na Brataich, Anndra Bonar-Law, Ramsay MacDhòmhnaill, Harold Mac a’ Mhaoilein, Ailig Dùbhghlas-Home, Tonaidh Blàrach, Gòrdan MacIlleDhuinn agus Daibhidh Camshron. Chan eil anns an Ridire Ailig Fearghasdan ach am fear nua-aimsireil a bhios a’ giùlain na brataich dha mòr-shluagh de chluicheadairean ball-coise agus luchd-spòrs a tha air an slighe a dhèanamh deas air a’ Chrìch.