Dùthchannan - Countries
Tha Albannaich air imrich air feadh an t-saoghail gu lèir. Ged nach eil Grèis-bhrat an Diaspora airson cuibhreachadh sam bith a chur air innse grèisichte nan sgeulachdan brosnachail aca, bha co-dhùnaidhean rin dèanamh a thaobh nam pìosan-obrach aig toiseach gnothaich. Tha an dà obair-ealain bhunaiteach Diaspora aig Prestonpans a fhuaireadh bho Gothenburg san t-Suain agus Barga san Eadailt gan leantainn le 25 dùthchannan eile. Thathar a’ planadh gum bi na 27 uile crìochnaichte ron Tilleadh Dhachaigh aig Alba ann an 2014. Tha dìreach coimhearsnachd no dhà air an taghadh anns gach dùthaich ach tha cothrom ann mòran a bharrachd a chur ris sna bliadhnaichean a tha romhainn. Bu chòir do Choimhearsnachd Diaspora Albannach sam bith air feadh na cruinne-cè a tha airson a thighinn a-steach don phròiseact agus aig a bheil deagh sgeulachd ri innse, agus le grèiseadairean a chruthaicheas an obair-ealain, fios a chur gu Stiùirichean na Pròiseict air post-d an seo
|
||||
|
|
|
|
|