Canada

O chionn deich bliadhna, chomharraich an cunntas-sluaigh ann an Canada gun robh còrr agus 15% den àireamh-sluaigh a’ dleasadh làn no pàirt sinnsearachd bho na h-Albannaich. Dh’fhaodadh gu bheil a’ cho-chuid seo fiù ’s nas àirde na sin agus mar sin tha a’ bhuaidh aig Alba air nàisean Chanada gu math mòr, a’ dol air ais gu na ciad iomairtean colòiniach ann an Aimeireaga a Tuath.  

Ann an 1621 bhuilich Rìgh Seumas VI Alba còirean “Alba Nuadh” air costa a’ Chuain Shiair ann an Canada air an Ridire Uilleam MacAlasdair, Iarla Shruighle. Ged nach robh na h-òidhirpean sin air colòineadh ach cuibheasach soirbheachail, stèidhich iad an ceangal eadar Alba agus Canada. Tha an t-ainm Nova Scotia air maireachdainn gus an latha an-diugh agus tha an sgìre sin fiù ’s a’ bòstadh a’ chiad thartan roinneil oifigeil ann an Canada (deas). Tha tartan oifigeil aig a h-uile roinn Canàidianach a-nis ach aon.

Bha fàsach mhòr neo-thruaillichte Chanada a’ tairgsinn chothroman nach bu bheag do na coloinidhich iomairteach bho fhìor thoiseach an tuineachaidh. Bha fèill mhòr air bèin bheathaichean agus dhaibhsan a bha cruaidh gu leòr airson an sireadh bha gu leòr dhiubh ann. Fhuair companaidh Sasannach cairt-lagha bhon Rìgh Teàrlach II a bhuilich caoib mhòr de fhearann Canàidianach orra agus mar sin cothrom air na goireasan saidhbhir a bh’ ann. B’ e seo Companaidh ainmeil Hudson's Bay a tha a’ malairt gus an latha an-diugh. Gus an fheum a b’ fheàrr a thoirt às na fearainn a bh’ aca, dh’fheumadh iad fir chruaidh làidir a thuineachadh ann an Canada, agus gu h-aithghearr thòisich iad a’ fastadh àireamhan mòra de dh’Albannaich gu h-àraid à Arcaibh. Bha a’ bheatha air na crìochan sin cunnartach le geamhraidhean cruaidh agus còmhstri dian am measg nan trapairean ’s an luchd-malairt, ach dh’fhaodadh na duaisean a bhith glè mhòr. Stèidhich luchd-malairt na Companaidh daingnich agus puist malairt agus thuinicheadh mòran de an cosnaichean an sin.

Ach dh’adhbhraich am foillseachadh a rinn an Companaidh a thaobh sealbh air a’ mhòr-chuid den sgìre aimhreit leis na Frangaich (a bha air roinn chumhachdach na Frainge Ùir a stèidheachadh bho am bunait ann an Quebec), aig an robh a leithid eile de chonnspaid leis na Breatannaich ann an àiteachan eile taobh a-staigh Aimeireaga a Tuath. Ach fhuair na Breatannaich làmh-an-uachdar às dèidh a’ Chogaidh Fhrangach is Ìnnseanach ann an 1754–1763: b’ e nuair a thuit Quebec ann an 1759 às dèidh Blàr Faichean Abrahàm (Plains of Abraham), aon de na tachartasan a b’ ainmeile dhaibh. Am measg nam prìosanach Fhrangach bha Seumas MacIain, fear à Dùn Èideann a bha air a bhith na ADC don Phrìonnsa Theàrlach Èideard Stiùbhart agus an Ridire Seòras Moireach aig àm Reabhlaid 1745.
  
Le bagairt nam Frangach air Companaidh Hudson's Bay air lùghdachadh gu mòr, lorgadh co-fharpaisich na b’ fhaisge air an taigh. Chuireadh Companaidh an Iar Thuath air bhonn ann an 1779, stèidhichte ann am Montreal. Am measg an luchd-stèidheachaidh, bha Sìm MacThàmhais (clì), agus bha an teaghlach aige air tuiteam ann am bochdainn an dèidh do athair taic a chur ris na Seumasaich. Thàinig aige air coimisean fhaighinn le Gàidheil MhicShimidh rèiseamaid fo stiùir shoirbhiche eile à Ar-a-mach nan Seumasach agus a bha a’ sabaid leis an rèiseamaid anns a’ Chogadh Fhrangach is Ìnnseanach. Chaidh an rèiseamaid a chur mu sgaoil aig deireadh a’ chogaidh agus thuinich mòran de na fir ann an Canada. Dh’fhuirich MacThàmhais ann an Canada agus aig deireadh gnothaich chuidich e le Companaidh an Iar Thuath a stèidheachadh còmhla ri luchd-tasgaidh eile, a’ gabhail a-steach an t-Albannach Seòras MacBeatha. Bha an Companaidh a’ bagairt cho mòr air an co-fharpaisich ann an Hudson's Bay agus gun do thionndaidh na h-obraichean malairt gu math fuilteach.

Dh’fhan bian bheathaichean mar a’ phrìomh às-mhalairt ann an Canada gus an do dh’atharraich tachartasan poilitigeach an suidheachadh eadar-nàiseanta: gheàrr an cogadh an aghaidh Napoleon Breatainn air falbh bhon mhalairt fhiodha àbhaisteach sa Bhaltic, agus mar sin thionndaidh  an dùthaich dhachaigheil ri Canada airson cobhair. An uair sin, bhris cogadh a-mach eadar Breatainn agus na Stàitean Aonaichte ann an 1812 – leis na h-Aimeireaganaich dealasach a thaobh ceangal ri Canada – a gheàrr malairt leis na coloinidhean a bh’ ann agus a chuir cuideam mòr air luchd-malairt bèine. Ann an 1821, chothlamaich an dà chompanaidh fharpaiseach seo fo ainm a’ chom-pàirtiche bu shine, Companaidh Hudson's Bay.

Rinn Albannaich imrich a Chanada ann an àireamhan mòra, air an spreagadh leis an dà chuid cothroman agus èiginn: sireadh tèarmann poilitigeach (a’ gabhail a-steach Seumasaich), na Fuadaichean agus mar thoradh air an sin tuathanaich is croitearan a’ sireadh obrach thall-thairis agus (gu h-àraid ann am meadhan na naoidheamh linn deug) gort aig an taigh. Nuair a thuinich iad an Canada, chùm cuid mhòr de na h-Albannaich sin an dearbh-aithne chultarach gu soirbheachail,  na geamannan agus an èideadh Gàidhealach, a’ Ghàidhlig, agus tha comainn Naoimh Anndra agus clubaichean  Burns rim faighinn air feadh na dùthcha.  Taobh ri taobh an dualchais phròiseil seo, tha Albannaich-Canàidianaich air mòran a chur ris an nàisean le luchd-poilitigs, luchd-rannsachaidh agus tùsairean uile a’ nochdadh air na liostaichean fada.

PANNALAN CHANADA