Braisil - Brazil

Is dòcha ann an da-rìribh gur e na saighdearan a bha a’ frithealadh ann an tursan armailteach na Frainge a’ chiad Albannaich a thadhail air Braisil. Tha e air aithris gun do ghlac triùir shaighdearan Albannach an galair breac faisg air Rio de Janeiro aig deireadh nan 1550an! Bha Albannaich an sàs ann an iomairtean Frangach agus Duitseach gus coloinidhean a stèidheachadh san dùthaich, ach mar a tha fios againn b’ iad na Portagailich a choisinn an cuibhreann a bu mhotha. A dh’aindeoin ìmpireachd thall-thairis, thuit Portagail do fheachdan Napoleon tràth san naoidheamh linn deug agus bha an teaghlach rìoghail a’ sireadh comraich ann am Braisil: Bha Albannaich am measg an fheadhainn a chaidh còmhla riutha mar a leughar an seo

Ach ged a bha cuid de dh’Albannaich a’ sabaid anns an Arm Phortagaileach agus feadhainn eile a’ frithealadh san Arm Bhreatannach a chuidich le a shaoradh on Fhraing, bha aon Albannach a’ sabaid gu cruaidh gus an ìmpireachd Phortagaileach a bhriseadh suas. Is e Tòmas Cochrane, Iarla Dhùn Dòmhnaill, aon de na h-ainmean as cliùitiche ann an eachdraidh armailteach Cheann a Deas Aimeireagaidh. Air a bhreith ann an Siorrachd Lannraig ann an 1775, thàinig Cochrane (deas) gu bhith na ghaisgeach cabhlachail aig àm nan cogaidhean an aghaidh na Frainge ach chaidh a chur às a’ Chabhlaich Rìoghail an dèidh sgaineal a thaobh ionmhais. Thionndaidh e a sgilean an uair sin gu bhith a’ cuideachadh ghluasadan neo-eisimeileachd ann an Aimeireaga a Deas, an toiseach anns an t-Sile agus an uair sin Braisil. Ann an 1823, ghabh Cochrane ùghdarras air cabhlach Bhraisil agus bha e mar mheadhan air na feachdan Portagaileach mu dheireadh a chur a-mach às an dùthaich. Chaidh Marcas Maranhão a dhèanamh dheth leis an riaghaltas ùr agus lean e air gam frithealadh nuair a bhris na reabhlaidean a-mach. Ged a chrìochnaich a chuid seirbheis gu math lasarra, tha Cochrane fhathast air a chuimhneachadh mar ghaisgeach neo-eisimeileachd Bhraisil agus na athair don chabhlaich. 
 
A’ leantainn air neo-eisimeileachd bho Phortagail, thairg Braisil a leithid eile de chothroman do dh’imrich à Arsaintìona. Dìreach mar a thug na h-Albannaich ball-coise do dh’Arsaintìona, is ann airson sin a tha cliù aca am Braisil. B’ e aon dhiubh sin Teàrlach Uilleam Mac a’ Mhuilleir (clì), a rugadh ann an São Paulo ann an 1874 do dh’innleadair rèile Albannach agus do a bhean Shasannach/Bhraisilianach. Fhuair Mac a’ Mhuilleir oideachadh ann am Breatainn mus do thill e a dh’Aimeireaga a Deas. An dèidh dha tilleadh, thug e leis dà bhàla ball-coise agus chuidich e leis a’ chiad sgioba agus lìog ann am Braisil a chur air bhonn. Nuair a ghluais Eàrdsaidh MacIllEathain gu Braisil à Pàislig ann an 1912, thug e a-steach stoidhle luath cluiche a tha on uair sin air fàs co-chiallach ri ball-coise Aimeireaga a Deas. Chuidich MacIllEathain cuideachd le Scottish Wanderers FC a stèidheachadh do a cho-imrich, ged a sgaoil an sgioba sin ann an 1916. Cha b’ e ball-coise an aon ghnìomhachd chorporra a thug na h-Albannaich a-steach: chuir an teaghlach Gracie, a thàinig bho fhear à Siorrachd Dhùn Phris agus a dh’fhàg Alba ann an 1826, air bhonn an ealain ghaisgeanta Bhraisilianach, Jiu-Jitsu.

Cha b’ ann a-mhàin ann an spòrs a thug na h-Albannaich agus an sliochd buaidh. Stèidhich dà bhràthair à Alba, Èideard agus Fleetwood Pellow MacUilleam, companaidh togail is logastachd ann an Salvador ann an 1837. Bha iad cunntachail airson prìomh rathaidean-iarainn a thogail ann am Braisil a thuilleadh air a’ chiad doca-tioram. Tha an companaidh fhathast mar aon de na companaidhean cuantach is logastachd as motha san dùthaich.