Astràilia - Australia

Nuair a sheòl an Caiptean Seumas Cook air an Endeavour a-steach dha Botany Bay ann an 1770, a’ dleasadh tomad-fearainn Astràilia don Rìgh Seòras III, chuir e tachartasan an gnìomh a leanadh air adhart gu timcheall air 8.9% de dh’àireamh-sluaigh Astràilia ag agairt sinnsearachd Albannach ro 2011 (mu 1,792,600 neach!). Bha athair Cook fhèin à Crìochan na h-Alba. B’ urrainn do dh’Alba fiù ’s a ràdh gun robh a’ chiad Eòrpach a bhàsaich ann an Astràilia à Alba, an seòladair Arcach, Forbey Sutharlanach (mar sin Rubha Shutharlan ann an Cala Sydney).

Thàinig a’ chiad àireamh de Luchd-tuineachaidh Albannach beagan bhlaidhnaichean às dèidh sin an dèidh do loingeas Breatannach ruighinn ann an 1788. B’ e an Caiptean Iain Mac an t-Sealgair (deas) à Lìte an Iar-Chommandair air an turas. Chaidh Mac an t-Sealgair air adhart gu bhith mar an dàrna riaghladair air coloinidh ùr “New South Wales” agus tha Abhainn Mhic an t-Sealgair agus Cnoc Mhic an t-Sealgair ann an Sydney air an ainmeachadh às a dhèidh. Bha an còigeamh riaghladair à Alba cuideachd, Lachlann MacGuaire à Innse Gall, a bha san dreuchd bho 1810-21, agus tha an crùisle-tiodhlacaidh aige ann am Muile ag aithris gu follaiseach gur e Athair Astràilia a bh’ ann.  Aig àm a ghabhaltais an sin, bha gluasad air falbh bho bhith a’ cleachdadh New South Wales dìreach mar choloinidh peanais. Gu h-iomlan, cha robh ach mu 5% de na h-eucoraich a chuireadh air falbh gu Astràilia nan Albannaich, ach cha robh e fada gus an do thòisich leasachadh nan coloinidhean a’ tarraing barrachd is barrachd in-imrich.

Bha mòran den fheadhainn a chaidh a dh’Astràilia gan deòin tràth san naoidheamh linn deug nan sealbhadairean fearainn no nan oibrichean tuathanais à Galltachd na h-Alba, agus bha tarraing sònraichte à Dùn Èideann agus às na bailtean air costa an ear Alba. B’ iad sin teaghlaichean a bha deònach obair cruaidh agus am fearann a leasachadh, a’ cleachdadh an cuid foghlaim agus an luchd-dàimh gus cothroman coimearsalta a leasachadh agus taic a chur ri malairt. Chunnaic duilgheadasan eaconamach ann an Alba àrdachadh ann an às-imrich de dhaoine cumanta bho na 1830an, agus aig meadhan na naoidheamh linn deug bha Albannaich a’ cunntadh airson faisg air cairteal den àireamh-sluaigh Eòrpach ann an Astràilia. Lean an traidisean de dh’imrich cuain à Alba a dh’Astràilia air adhart às dèidh sin.

 


Tha an traidisean Albannach glè bheò ann an Astràilia gus an latha an-diugh. Ged a tha an dìleab eachdraidheil ri faicinn ann an ainmean àiteachan leithid Brisbane (air ainmeachadh às dèidh an fhir à Siorrachd Àir a lean MacGuaire) agus Peairt (clì), tha an dìleab bheò ri faicinn ge-tà anns na diofar chruinneachaidhean Gàidhealach, subhachasan làithean tartain, agus ìomhaighean Burns. Mar a bha na riaghailt choitcheann aca, thug imrichean à Alba leotha cuideachd an creideamh Clèireach agus am foghlam, agus tha mòran sgoiltean is colaistean Albannach ann a tha a’ cumail ris na nòsan sin gus an latha an-diugh.
 
 
 
PANNALAN ASTRÀILIA