Arsaintìona - Argentina

Dh’fhaodadh an àireamh de mhuinntir Arsaintìona aig a bheil sinnsearachd Albannach a bhith cho àrd ri 100,000 neach san latha an-diugh, agus tha mòran teaghlaichean Albannach/Arsaintìonach air pàirt fhollaiseach a ghabhail ann an eachdraidh na dùthcha. Ghluais àireamh mhòr de luchd-obrach a dh’Arsaintìona san naoidheamh linn deug, a’ gabhail raon fharsaing de dhiofar obair os làimh, bho bhith nam buachaillean gu bhith nam maighstirean-sgoile.

Am measg an luchd-tuineachaidh à Alba a bu thràithe, bha an luchd-siubhail a dh’fhalbh air An Symmetry (gu h-ìosal deas). Dh’fhàg an t-soitheach seo Port Lìte sa Chèitean 1825 a’ giùlain 45 càraid phòsta, 42 fhir singilte, 14 bhoireannaich singilte, agus 79 neach cloinne gu ruig Arsaintìona. Chaidh iad air tìr trì mìosan na dhèidh sin ann am Buenos Aires agus mar a bha cumanta anns a leithid sin de choimhearsnachdan, cho-dhùin iad gu math luath gun robh iad airson nan nòsan creideamhach is foghlaim a thug iad leotha à Alba a chumail a’ dol. Mar thoradh air an sin, chaidh Sgoil Albannach Naoimh Anndra a chur air bhonn ann an togalach eaglais Chlèireach ann an 1838. Shoirbhich gu mòr leis an sgoil, leudaich i a-mach gu bhith a’ frithealadh na coimhearsnachd fharsaing an taobh a-staigh thraidiseanan na h-Alba agus tha i air cumail a’ dol chun an latha an-diugh. 

B’ e Alasdair MacBhatair Hutton (1853-1936) aon den luchd-teagaisg ann an Sgoil Albannach Naoimh Anndra. Rugadh e ann an Glaschu agus cheumnaich e à Oilthigh Dhùn Èideann. Shiubhail MacBhatair Hutton gu ruig Arsaintìona ann an 1882 agus thòisich e ag obair san sgoil.  Dà bhliadhna às dèidh sin, stèidhich e a sgoil fhèin fon ainm Àrd-sgoil Bheurla   Buenos Aires (Beurla on a b’ e sin cànan nan clasaichean) agus an uair sin ann an 1893 chuir e air bhonn Lìog Ball-coise Comann Arsaintìona mar thoradh airt mar a bha e a’ creidsinn cho cudromach ’s a bha spòrs ann am foghlam.  B’ e seo a’ chiad lìog ball-coise a bha aithnichte taobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte, a’ fàgail MacBhatair Hutton mar neach-stèidheachaidh ball-coise Arsaintìonach. Bha a mhac na dhèidh sin a’ cluich do sgioba nàiseanta Arsaintìona agus tha ainmean Albannach air a bhith cumanta on uair sin ann am ball-coise Arsaintìona: Jorge MacIlleDhuinn agus a bhràithrean, Carlos MacAlasdair agus Franco MacNèill mar eisimpleirean. 

B’ e Sìleas Grierson (1859-1934) ogha do aon den luchd-tuineachaidh bho làithean An Symmetry, a’ chiad bhoireannach a choisinn ceum meidigeach ann an Arsaintìona. A’ faighinn buaidh air strì na h-aghaidh a teisteanasan a thoirt gu buil, chaidh Grierson air adhart a stèidheachadh a’ chiad sgoil altramachd san dùthaich agus a dh’iomairt airson còirean bhoireannach. Am measg a comhaoisean bha Raibeart Bontine Coinneagan Greumach (1852-1936) à Siorrachd Rinn Friù, a shiubhail a dh’Arsaintìona a dhèanamh fhortan mar bhuachaille rainse-chruidh. Thill an neach-siubhail iongantach seo, a bha aithnichte san àite mar "Don Roberto", a dh’Alba an ceann ùine agus bha e gu mòr an sàs ann an stèidheachadh a’ chiad Phàrtaidh Làbarach agus an uair sin Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.

Tha mòran a bharrachd luchd-tuineachaidh à Alba agus an sliochd air cur ri sgeulachd nàiseanta Arsaintìona, cuid a’ cruthachadh choimhearsnachdan air leth agus feadhainn eile ag aonachadh gu tur le a nàbaidhean. San latha an-diugh, tha comainn Naoimh Anndra, cùrsaichean Gàidhlig, tachartasan Latha Tartain san dùthaich, agus cuideachd tartan Àrsaintìonach. (gu h-àrd)