Fàilte gu Grèis-bhrat an Diaspora

Pròiseact a bheir coimhearsnachdan air feadh an t-saoghail na lùib agus ri chèile ann an subhachas air dualchas is cultar na h-Alba.

Tha Albannaich air imrich a dhèanamh gu gach ceàrnaidh den t-saoghal agus glè thric air buaidh làidir a thoirt air na sgìrean far na thuinich iad.  Chì a’ phròiseact seo 25 coimhearsnachdan den leithid sin a’ clàradh an ceanglaichean ri Alba air sreath de phannalan grèiste. Bidh an sgeulachdan uile agus le chèile a’ dèanamh ùmhlachd do dhiongmhaltas agus do mhisneachd iongantach nan Albannach thar nan linntean a dh’fhalbh.

Air a stiùireadh leis an sgioba a tha an urra ri Grèis-bhrat Batal Sliabh a’ Chlamhain a bha fìor mhìorbhaileach, tha Grèis-bhrat Diaspora na h-Alba gu bhith air a chruthachadh le saor-thoilich ann an coimhearsnachdan air feadh na cruinne-cè. Cuirear e ri chèile agus thèid a thaisbeanadh ann an Alba mar phàirt de shubhachasan Tilleadh Dhachaigh 2014.

Tha Grèis-bhrat Diaspora na h-Alba mar thoradh air beachdan a thàinig a-mach à
Fèis Ealain  Prestoungrange ann am Prestonpans le taic chudromach bho Chùirtean Baranachdan  Prestoungrange & Dolphinstoun, na ceudan de luchd-fuaigheil agus luchd-leantainn na h-Alba air feadh an t-saoghail, Alba Chruthachail, Roinn Diaspora Riaghaltas na h-Alba, FoghlamAlba, TadhalAlba, TachartasAlba agus Bòrd na Gàidhlig. Tha na còraichean glèidhte le Fèis Ealain Prestoungrange.

Fàilte gu Grèis-bhrat an Diaspora



Lorgaibh sinn air Facebook